| Bha clas Gaidhlig 5/6/7 ag obair trang ag uallachadh airson “bazaar na Nollaige.” Tron an term mu dheireadh bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn clann timcheall an t-saoghal. Fhuair sinn a-mach gu robh còraichean aig clann agus gu robh gu leòr clann nach robh a’ faighinn na còraichean aca. Chaneil biadh no deoch gu leòr aca. Chaneil iad a’ faighinn foghlam. Tha eadhon cuid aca ag obair agus chaneil iad ach sia bliadhna a dh’aois. Smaoinich sinn air doigh airgead a’ chruinneachadh. Rinn sinn bazaar na Nollaige. Bha iomadach rud againn. Rinn sinn sucairean, cairtean nollaig agus key rings airson an reic. Bha stalls againn cuideachd agus abair gun do chòrd seo ris a h-uile duine. Aig deireadh an latha thog sinn £239.97 airson Save the Children. |
![]() ![]() ![]() ![]() |




